
Beagan a-bharrachd mu dhéidhinn Salmaire
Anns an fhoillseachadh Graduale Triplex aig abaid Solesmes, gheibhear, os cionn agus fon a'
phuing-sgrìobhadh 'ceithir-cheàrnach' àbhaisteach, mac-samhlaichean de sheann phuing-
sgrìobhadh ruitheamach. Chaidh móran de na h-ùrnaighean aig proper na h-aifrinn a sgrìobhadh a-
mach mar seo ach am bi cothrom aig còisirean an seann phuing-sgrìobhadh a chur gu feum. O
chionn ghoirid, tha manaich Solesmes cuideachd air leasachadh a thoirt air a' phuing-sgrìobhadh
'ceithir-cheàrnach' fhéin a tha ga thoirt nas fhaisge air nàdar nam puing-sgrìobhaidhnean
ruitheamach as sine.
Chaidh Salmaire a chuir air bhonn airson inbhich ris an còrdadh e ionnsachadh mu dhéidhinn an t-
seann phuing-sgrìobhaidh ruitheamaich (dìreach mar a gheibhear anns a' Ghraduale Triplex) agus
mu dhéidhinn a bhith a' seinn a-réir a' phuing-sgrìobhaidh sin. Tha a' bhuidheann fosgailte do
dh'inbhich aig a bheil suim don chreideamh agus miann air seinn.
Thòisich Salmaire air an naoidheamh latha den Òg Mhìos an uiridh agus choinnich sinn an toiseach
ann an eaglais naòimh Ghriogair Mhóir anns an Innis ann an Dun Éideann. Choinnich sinn an sin
airson ceithir seachdainnean ach bhon uair sin tha sinn a' coinneachadh ann an eaglais Naoimh
Phàdraig ann an mèadhan a' bhaile. Bidh a' bhuidheann a' coinneachadh anns a' chaibeal airson
uair a thìde gu leth far am bidh sinn a' seinn agus a' còmhradh mun channtaireachd a tha sinn ag
ionnsachadh s a' cumail nar cuimhne. Tha a' chlàirseach Ghàidhealach ga cleachdadh mar taic-ciùil.
Tha seinneadair Alasdair Codona na cheann air a' bhuidhinn.
An dràsda aig Salmaire
Tha na seinneadairean fhathast ag obair air an laoidh Deus creator omnium leis an Naomh
Ambros a sheinnte a-réir an ruitheam iambach. Thug sinn sùil mar thà air clàraidhean ann
an caochladh puing-sgrìobhainnean de na h-antifoin Videns Dominus, Dominus dixit ad me,
Qui meditabitur, Nos autem gloriari oportet, Pacem meam do vobis agus Ecce Dominus
veniet agus na sailm a bhuineas riutha. Tha sinn a-nis ag obair air an antifon Vox in Rama
agus air an t-salm Deus, venerunt gentes a-réir fonn-sailm VII. O chionn ghoirid,
dh'ionnsaich sinn cuideachd an antifon Salve Splendor agus Magnificat airson là fhéill
Chaluim Chille.
Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuiribh fón gu:
